An Ròn / Ann an Caolas Od Odram-Julie Fowlis

歌手 : Julie Fowlis
语种 : 英语
时长 : 03:58

DOLBY 杜比全景声 下载

臻品母带 下载

臻品全景声 下载

臻品音质

HIRES Hi-Res 下载

FLAC 无损flac 百度云网盘下载

APE 无损ape 格式下载

320MP3 极高mp3 歌曲下载

128MP3 标准mp3 百度网盘下载

192OGG 较高ogg 下载

192AAC 较高aac 下载

96AAC 标准aac 百度云下载

Loading...

TXT An Ròn / Ann an Caolas Od Odram-Julie Fowlis 文本歌词

“Mise nighean Rìgh-fo-Thuinn
Fuil nan rìghrean na mo chrè -
Ged a chì sibh mi nam ròn
Tha mi mòrail nam thìr fhèin.
“Tìr-fo-Thuinn mo dhachaigh dhùint’
Innis dhùthchasach nan ròn;
Caidlidh mi air leacan sàil’,
Mi fhìn ’s mo bhàn-chuilean òg.”
A Bhana-phrionns’ a’ chuain shiar,
A bheil sgeul agad ri luaidh?
Nach inns thu dhuinn mar a bha
Mun do ghabh sibh tàmh sa chuan?
“Chaidh na geasan a chur oirnn
Rè ar beò-bhith le luchd-fuath,
’S ged a tha sinn snàmh nan caol
’S e nàdar daonnd’ tha dhuinn dual.
“Aig tràth-marbh air oidhche fèill
Tilgidh sinn ar bèin air tràigh,
’S cluichidh sinn nar n-òighean suairc’
A’ crathadh ar cuaillean bàn.
“Ach a-nochd tha mi nam ròn
Air an lic an còrs’ a’ chuain:
’S e mo nàdar bhith toirt gaol,
’S do chlann-daoine thug mi luaidh.”
Ann an Caolas Od Odrum far an coidleadh an ròn,
Is far nach cluinnte guth duin’ ach fuaim tuinne ’s glog geòidh
Muime 'g altram a pàistean 's i gan tàladh gu ciùin,
Gu bheil tulgadh nan cuantan ga sìor luasgadh nan suain.
Hion da hion do hion da odar da
Hion da hion do hion da odar da
Hì o dan dao, hì o dan dao,
Hì o dan dao odar da, odar da
Muime 'g altram a pàistean 's i gan tàladh gu ciùin,
Gu bheil tulgadh nan cuantan ga sìor luasgadh nan suain.
An ròn rìoghail a' gusgail, 'n eala guileag ri thaobh,
A' mhaighdeann-mhara ’s i bruadar anns an uaigneas air laoch.
Hion da hion do hion da odar da
Hion da hion do hion da odar da
Hì o dan dao, hì o dan dao,
Hì o dan dao odar da, odar da
An ròn rìoghail a’ gusgail, ’n eala guileag ri thaobh,
A’ mhaighdeann-mhara ’s i bruadar anns an uaigneas air laoch.
Ann an Caolas Od Odrum far an coidleadh an ròn,
Is far nach cluinnte guth duine ach fuaim tuinne ’s glog geòidh.
Hion da hion do hion da odar da
Hion da hion do hion da odar da
Hì o dan dao, hì o dan dao,
Hì o dan dao odar da, odar da